⚽
Tha e seachad agus tha Alba air buinnig an aghaidh Makedonia a Tuath. 👏
Tha iad airidh air na trì puingean ach b' fheudar dhaibh barrachd thadhal fhaighinn, gu h-àiraid sa 1d leth.
Làn-ùine 🇲🇰 MKD 0-2 SCO 🏴

⚽
Tha e seachad agus tha Alba air buinnig an aghaidh Makedonia a Tuath. 👏
Tha iad airidh air na trì puingean ach b' fheudar dhaibh barrachd thadhal fhaighinn, gu h-àiraid sa 1d leth.
Làn-ùine 🇲🇰 MKD 0-2 SCO 🏴
⚽
Thèid Alba sìos gu deichnear anns an 2a gèam ann an sreath. Droch ionnsaigh le McKenna.
83' 🇲🇰 MKD 0-2 SCO 🏴
⚽
Ach 's e breab-peanais a th' ann a-nis. Às dèidh ùine fhada leis an leas-rèideire bhideo fhuair Alba e agus chuir McGinn am ball a-steach gu cuimseach.
70' 🇲🇰 MKD 0-2 SCO 🏴
⚽
Thug an rèidire breab-pheanais do dh'Alba airson droch ionnsaidh air Gannon-Doak ach chaidh a cur dheth leis an leas-rèideire bhideo. Feumaidh mi ràdh nach robh e buileach soilleir an d' fhuair e suathadh no nach d' fhuair.
57' 🇲🇰 MKD 0-1 SCO 🏴
⚽
Tha an 2a let air tòiseachadh.
Bha cothroman a bharrachd aig sgioba na h-Alba anns a' chiad leth ach feumaidh iad brath a ghabhail orra! Feumaidh iad rudeigin fhaighinn às na breaban-oisein gu h-àraid!
48' 🇲🇰 MKD 0-1 SCO 🏴
⚽
Às dèidh leth uair a thìde, tha Makedonia a Tuatha a' dèanamh dà atharrachadh mar-thà. Caran neònach.
34' 🇲🇰 MKD 0-1 SCO 🏴
⚽
Tha Robertson, sgiobair na h-Alba, a' faighinn a 100mh ceap a-nochd. Bhiodh e sònraichte nam faigheadh e tadhal cuideachd.
21' 🇲🇰 MKD 0-1 SCO 🏴
⚽
Stad an gèam airson greiseag on a bha cù air a' phàirce🐕
Bha deagh chothrom eile aig Alba ach cha deach e a-steach.
13' 🇲🇰 MKD 0-1 SCO 🏴
⚽
Agus tha iad air thoiseach: breab bho astar le Bowie, bòidheach!
Abair toiseach tòiseachaidh
7' 🇲🇰 MKD 0-1 SCO 🏴
Tha sgioba na h-Alba a' cluiche ann an lìg nan nàiseanan an aghaidh Makedonia a Tuath a-nochd.
Tha an gèam ga chraoladh beò air #BBCScotland
https://www.bbc.co.uk/programmes/m0032ljk
#BallCoise #Gàidhlig ⚽️️
⚽
Seo an 3s tadhal dhan Eilbheis agus cha bhi slighe air ais sa ghèam do sgioba na h-Alba.
82' 🏴 SCO 0-3 SUI 🇨🇭
⚽
Tha an Eilbheis air an 2a tadhal fhaighinn. Ged a tha cùisean nas dorra le deichnear bha siud fada ro fhurasta.
55' 🏴 SCO 0-2 SUI 🇨🇭
⚽
Tha Radio nan Gàidheal ag aithris beò bho Phàirce Hampden cuideachd:
📻
https://www.bbc.co.uk/programmes/m0031zrs
⚽
Tha an gèam ga chraoladh beò air #BBCScotland
📺
https://www.bbc.co.uk/programmes/m00328qz
⚽
Cha deach tadhal a chur san 2a leth nas motha ach bha sgioba na h-Alba fada nas làidire na bha iad sa chiad agus airidh air tadhal. Mar a tha e, 's puing a bheir iad dhachaidh leotha. Cluichidh iad sgioba na h-Eilbheis aig Hampden DiMàirt.
Làn-ùine: 🇸🇮 SVN 0-0 SCO 🏴
⚽
Abair cothrom do Bowie, ach dh'fhailich air am ball a chur san lìon. Tha Alba fhathast a' putadh airson a' chiad tadhail.
79' 🇸🇮 SVN 0-0 SCO 🏴
⚽
Tha Alba air cluiche fada nas adhartaiche sa chiad chairteal na h-uarach dhen 2a leth. Ach tha an gèam fhathast gun tadhal.
62' 🇸🇮 SVN 0-0 SCO 🏴
⚽
Chuir Sporar (SVN) am ball ann an lìon na h-Alba ach bha e dheth.
Tha coltas nas cunnartaiche air Slovenia an-dràsta fhèin, a' faighinn faisg air tadhal a chur da thuras mar-thà.
19' 🇸🇮 SVN 0-0 SCO 🏴
Tha an gèam ga chraoladh beò air BBCOne
https://www.bbc.co.uk/programmes/m00327fx
#BallCoise #Gàidhlig ⚽️️
Tha sgioba na h-Alba a' cluiche a' chiad ghèam fo stiùir Sebastien Pocognoli an-diugh, gèam ann an lìog nan nàiseanan an aghaidh Slovenia.