⚽
Sin e ann an Lisboa. Oidhche ghoirt do Celtic, ach bha iad nas fheàrr san 2a leth.
Làn-ùine 🔴 BEN 4-1 CEL 🍀

⚽
Sin e ann an Lisboa. Oidhche ghoirt do Celtic, ach bha iad nas fheàrr san 2a leth.
Làn-ùine 🔴 BEN 4-1 CEL 🍀
⚽
Às dèidh greis on a bha cùisean a' coimhead nas fhearr do Celtic fhuair Benfica tadhal eile mar chlach às an adhair.
89' 🔴 BEN 4-1 CEL 🍀
⚽
Tha Celtic air tadhal fhaighinn air ais! Tha coltas nas fhearr orra a-nist.
63' 🔴 BEN 3-1 CEL 🍀
⚽
Tha Celtic 3 tadhail air dheireadh aig leth-ùine agus tha coltas nas fheàrr air Benfica. Bha cothroman aca cuideachd ach feumaidh iad brath a ghabhail orra no fàsaidh an sgòr fiù 's nas miosa.
Leth-ùine 🔴 BEN 3-0 CEL 🍀
⚽
Sin an 3s tadhal do Benfica, goirid às dèidh oidhirp a bha dheth.
36' 🔴 BEN 3-0 CEL 🍀
⚽
Tha Benfica air an 2a tadhal fhaighinn. Tha coltas gum faodadh an oidhche a bhith gu math fada airson Celtic.
23' 🔴 BEN 2-0 CEL 🍀
⚽
Droch thoiseach tòiseachaidh do Celtic a thug seachad breab-peanais do Benfica sa 4mh mionaid.
5' 🔴 BEN 1-0 CEL 🍀
⚽
Tha Celtic FC a' cluiche gèam lìg Eòrpa an aghaidh Benfica ann an Lisboa a-nochd. 'S e dùbhlan a bhios ann dhaibh.
Barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn UEFA:
https://www.uefa.com/uefaeuropaleague/match/2050075--benfica-vs-celtic/
⚽
Tadhal do dh'Alba! Crois chuimseach bho Cuthbert, mearachd le neach-ghlèidhidh na Seice agus chuir Grimshaw am ball a-staidh dhan tadhal fhosgailte.
72' 🏴 SCO 3-2 CZE 🇨🇿
⚽
Abair tadhal bho McGovern airson Alba a thoirt co-dhionnan! Chuir i am ball fo gàirdean neach-glèidhidh na Seice.
49'🏴 SCO 2-2 CZE 🇨🇿
⚽
Tha Poblachd na Seice air thoiseach ann am Pàislig aig leth-ùine, le barrachd chothroman do gach sgioba. Tha an gèam glè fhosgailte agus bhiodh Alba airidh air a bhith co-dhionnan.
Leth-ùine🏴 SCO 1-2 CZE 🇨🇿 (3-2 thairis air an dà ghèam)
⚽
Tha Poblachd na Seice air ais air thoiseach le tadhal bho bhreab-oisein.
32' 🏴 SCO 1-2 CZE 🇨🇿
⚽
Ach tha Alba co-dhionnan mar-thà. Abair toiseach tòiseachaidh!
5' 🏴 SCO 1-1 CZE 🇨🇿
⚽
Tha Poblachd na Seice air thoiseach. Bha iad a' putadh airson tadhal sa bhad agus cha robh loidhne-dìon na h-Alba comasach air dèidhligeadh ris.
3'🏴 SCO 0-1 CZE 🇨🇿
Tha boireannaich na h-Alba a' cluiche an dàrna gèam dearbhaidh an aghaidh Poblachd na Seice ann am Pàislig a-nochd.
Thèid an gèam a chraoladh beò air #BBCScotland
https://www.bbc.co.uk/programmes/m0032yc7
#BallCoise #Gàidhlig ⚽️️
⚽
Tha e seachad agus tha Alba air buinnig an aghaidh Makedonia a Tuath. 👏
Tha iad airidh air na trì puingean ach b' fheudar dhaibh barrachd thadhal fhaighinn, gu h-àiraid sa 1d leth.
Làn-ùine 🇲🇰 MKD 0-2 SCO 🏴
⚽
Thèid Alba sìos gu deichnear anns an 2a gèam ann an sreath. Droch ionnsaigh le McKenna.
83' 🇲🇰 MKD 0-2 SCO 🏴
⚽
Ach 's e breab-peanais a th' ann a-nis. Às dèidh ùine fhada leis an leas-rèideire bhideo fhuair Alba e agus chuir McGinn am ball a-steach gu cuimseach.
70' 🇲🇰 MKD 0-2 SCO 🏴
⚽
Thug an rèidire breab-pheanais do dh'Alba airson droch ionnsaidh air Gannon-Doak ach chaidh a cur dheth leis an leas-rèideire bhideo. Feumaidh mi ràdh nach robh e buileach soilleir an d' fhuair e suathadh no nach d' fhuair.
57' 🇲🇰 MKD 0-1 SCO 🏴
⚽
Tha an 2a let air tòiseachadh.
Bha cothroman a bharrachd aig sgioba na h-Alba anns a' chiad leth ach feumaidh iad brath a ghabhail orra! Feumaidh iad rudeigin fhaighinn às na breaban-oisein gu h-àraid!
48' 🇲🇰 MKD 0-1 SCO 🏴